's Muladach Mi 's Mi Air M'aineoil [Sad Am I and in a Strange Place]

Songs   2024-07-04 00:14:56

's Muladach Mi 's Mi Air M'aineoil [Sad Am I and in a Strange Place]

Muladach mi ‘s mi air m’ aineoil

‘S mi am aonar an eilein mara

Gun chuideachd ach dithis leanabh

Catriona bheag agus Anna

‘S na geòidh fhiadhaich a’ dol fairis

Faodaidh iad sin ‘s a bhith fallain

‘S latha dhomh bhith falbh a’ ghleannain

Thachair onm fear bhreacain bhallaich

Thuirt mi ris nach e bh’air m’ aire

B’ annsa lium mac fir a’ bhaile

Gu bheil tùir is taighean geala

‘S gobhair ann an uillt a’ bharraich

‘S caoirich ann an ainiuil fhalaich

‘S e mo ghaol na gamhna geala

Théid dha’n chrò ‘s nach òl am bainne

Théid dha’n tràigh ‘s nach geàrr an fheamainn

Théid a dh’Éirinn ris a ghealaich

Théid a dh’ Albainn ris a’ ghaillin

Thig iad as le aon seol mara

See more
Songs of Separation more
  • country:United Kingdom
  • Languages:English, Gaelic (Scottish Gaelic), English (Scots), Other
  • Genre:Folk
  • Official site:https://www.songsofseparation.co.uk/
  • Wiki:
Songs of Separation Lyrics more
Songs of Separation Also Performed Pyrics more
Excellent Songs recommendation
Popular Songs
Copyright 2023-2024 - www.lyricf.com All Rights Reserved