's Muladach Mi 's Mi Air M'aineoil [Sad Am I and in a Strange Place] [English translation]
's Muladach Mi 's Mi Air M'aineoil [Sad Am I and in a Strange Place] [English translation]
Muladach mi ‘s mi air m’ aineoil
‘S mi am aonar an eilein mara
Gun chuideachd ach dithis leanabh
Catriona bheag agus Anna
‘S na geòidh fhiadhaich a’ dol fairis
Faodaidh iad sin ‘s a bhith fallain
‘S latha dhomh bhith falbh a’ ghleannain
Thachair onm fear bhreacain bhallaich
Thuirt mi ris nach e bh’air m’ aire
B’ annsa lium mac fir a’ bhaile
Gu bheil tùir is taighean geala
‘S gobhair ann an uillt a’ bharraich
‘S caoirich ann an ainiuil fhalaich
‘S e mo ghaol na gamhna geala
Théid dha’n chrò ‘s nach òl am bainne
Théid dha’n tràigh ‘s nach geàrr an fheamainn
Théid a dh’Éirinn ris a ghealaich
Théid a dh’ Albainn ris a’ ghaillin
Thig iad as le aon seol mara
- Artist:Songs of Separation
- Album:Songs of Separation
See more