Dh'éirich mi moch, b'fheàrr nach do dh'éirich lyrics
Dh'éirich mi moch, b'fheàrr nach do dh'éirich lyrics
Dh’éirich mi moch,
dh’éirich mi moch,
B’fheàrr nach do dh’éirich
Mo chreach léir na chuir a-mach mi.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
Bha ceò sa bheinn,
Bha ceò sa bheinn,
is uisge frasach
’s thachair orms’ a’ ghruagach thlachdmhor.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò
Bheir mi dhut fìon,
Bheir mi dhut fìon
‘S gach nì a b’ ait leat,
Ach nach éirinn leat sa mhadainn,
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
’Nighean nan gamhna,
’Nighean nan gamhna
Bha mi ma’ riut,
Anns a’ chrò is càch nan cadal
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
An daoidh gheal donn,
An daoidh gheal donn,
Rug i mac dhomh.
Ged is fuar a rinn i altram,
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
Bha laogh mo laoidh
Bha laogh mo laoidh
ri taobh cnocan
gun teine, gun sgàth, gun fhasgadh.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
A Mhòr a ghaoil
A Mhòr, a ghaoil
Till ri d’ mhacan,
’S bheir mi goidean breagha breac dhut.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
- Artist:Julie Fowlis
- Album:Alterum