A Phiuthrag ’s a Phiuthar [Spanish translation]
A Phiuthrag ’s a Phiuthar [Spanish translation]
A phiuthrag ’s a phiuthar,
Hù rù
ghaoil a phiuthar
Hù rù
Nach truagh leat fhèin
Hò hol ill leò
nochd mo chumha
Hù rù
Nach truagh leat fhèin,
nochd mo chumha.
’s mi ’m bothan beag,
ìseal, cumhag.
’S mi ’m bothan beag,
ìseal, cumhag.
Gun lùb sìomain,
gun ghad tughaidh.
Gun lùb sìomain,
gun ghad tughaidh.
’S uisge nam beann
sìos na shruth leis.
’S uisge nam beann
sìos na shruth leis.
’S mise bhean bhochd
chianail, dhuilich.
’S mise bhean bhochd
chianail, dhuilich.
Dhìrich mi suas,
Beinn an Sgrìobain
Dhìrich mi suas,
Beinn an Sgrìobain,
’S Laigheabhal Mhòr,
nan each grìs-fhionn.
’S Laigheabhal Mhòr,
nan each grìs-fhionn.
Cha d’ fhuair mi ann,
na bha dhìth orm.
Cha d’ fhuair mi ann,
na bha dhìth orm.
Tè bhuidhe, ’s a
falt mar dhìthein.
- Artist:Julie Fowlis
- Album:Alterum
See more