Gleann Bhaile Chaoil [English translation]

Songs   2025-01-08 16:56:38

Gleann Bhaile Chaoil [English translation]

Seisd:

O nach robh mi thall sa ghleann a' fuireach,

O nach robh mi thall an gleann Bhaile Chaoil;

Nan robh mise thall sa ghleann a' fuireach

Chan fhàgainn e tuilleadh, gleann lurach mo ghaoil.

Sa mhadainn nuair dh'èirinn gun èislean, gun ghruaim,

'S e thug sòlas do m' inntinn bhith sealltainn riut suas;

Chan eil gleann eil' air Ghàidhealtachd bheir bàrr ort an snuadh;

Gur mis' tha fo chràdh-lot bhith 'n-dràst' cho fad uat.

Seisd

Gleann farsaing, fìor mhonadh, dhìrinn e suas,

Gleann maiseach fìneagach 's mìorbhaileach tuar;

Ri samhradh is geamhradh do chleòca cho uain';

Chan eil nì a rinn nàdar nach fàs air do bhruaich.

Seisd

Nuair dh'èireas a' ghrian air bu chiatach bhith ann,

'S i cho fial, flathail, coibhneil, a' boillsgeadh air chrann;

I dùsgadh nan lòn-dubh 's nan smeòrach air ghèig

Cur fàilte len ceòl air a mòrachd san speur.

Seisd

See more
Karen Matheson more
  • country:United Kingdom
  • Languages:Gaelic (Scottish Gaelic), Gaelic (Irish Gaelic)
  • Genre:Folk
  • Official site:http://www.karenmatheson.com/
  • Wiki:http://en.wikipedia.org/wiki/Karen_Matheson
Karen Matheson Lyrics more
Karen Matheson Featuring Lyrics more
Karen Matheson Also Performed Pyrics more
Excellent Songs recommendation
Popular Songs
Copyright 2023-2025 - www.lyricf.com All Rights Reserved