Smeòrach Chlann Dhomhnuill lyrics
Smeòrach Chlann Dhomhnuill lyrics
[Seist:]
Hoilibheag hilibheag hò ail il ò
Hoilibheag hilibheag hò ro ì
Hoilibheag hilibheag hò ail il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnuill mi.
Smeòrach mis' air urlar Phabuill,
Crùbadh ann an dùsal cadail,
Gun deònachd a théid ni 's faide,
Truimeid mo bhròin thoirleum m' aigne.
[seist]
Smeòrach mis' air mullach beinne,
'G amharc gréin' 'us speuran soilleir ;
Thig mi stòlda chòir na coille,
'S bi mi beò air treòdas eile.
[seist]
Ma mholas gach eun a thir féin,
Ciamar a-réist' nach moladh mise
Tir nan curaidh tir nan cliar,
An tir bhiachar, fhialaidh, mheasail
[seist]
An tir nach caol ri cois na mara,
An tir ghaolach, chaomhach, chanach,
An tir laoghach, uanach, mheannach,
Tir an arain, bhainneach, mhealach.
[seist]
An Cladh Chòthain mise rugadh,
'N Aird-a-Runnair fhuair mi togail,
Fradharc a' chuain uaimhrich chuislich,
Nan stuadh guanach, cluaineach, cluicheach.
[seist]
Measg Chlann-Dòmhnuill fhuair mi m'altrum.
Buidheann nan seòl 's nan sròl daithte,
Nan long luath air chuantan farsuing,
Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlas lann.
[seist]
[seist]
- Artist:Julie Fowlis
- Album:Gach Sgeul