An Roghainn Dàin do Eimhir lyrics

Songs   2024-12-28 12:47:33

An Roghainn Dàin do Eimhir lyrics

Choisich mi cuide ri mo thuigse

a-muigh ri taobh a’ chuain;

bha sinn còmhla ach bha ise

a’ fuireach tiotan bhuam.

An sin thionndaidh i ag ràdha:

A bheil e fìor gun cual

thu gu bheil do ghaol geal àlainn

a’ pòsadh tràth Diluain?

Bhac mi ‘n cridhe bha ‘g èirigh

‘nam bhroilleach reubte luath

is thubhairt mi: Tha mi cinnteach;

carson bu bhreug e bhuam?

Ciamar a smaoinichinn gun glacainn

an rionnag leugach òir,

gum beirinn oirre ‘s gun cuirinn i

gu ciallach ‘na mo phòc?

Cha d’ ghabh mise bàs croinn-ceusaidh

an èiginn chruaidh na Spàinn

is ciamar sin bhiodh dùil agam

ri aon duais ùir an dàin?

Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon

bheag ìosal thioram thlàth,

is ciamar sin a choinnichinn

ri beithir-theine ghràidh?

Ach nan robh ‘n roghainn rithist dhomh

‘s mi ‘m sheasamh air an àird,

leumainn à neamh no iutharna

le spiorad ‘s cridhe slàn.

See more
Julie Fowlis more
  • country:United Kingdom
  • Languages:Gaelic (Scottish Gaelic), English, Galician, Gaelic (Irish Gaelic), Latin
  • Genre:Folk
  • Official site:http://www.juliefowlis.com/
  • Wiki:http://en.wikipedia.org/wiki/Julie_Fowlis
Julie Fowlis Lyrics more
Julie Fowlis Featuring Lyrics more
Excellent Songs recommendation
Popular Songs
Copyright 2023-2024 - www.lyricf.com All Rights Reserved