An Innis Àigh [Italian translation]
An Innis Àigh [Italian translation]
Seinn an duan seo dhan Innis Àigh,
An innis uaine as gile tràigh;
Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris
Ach 's e mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh.
Càit' as tràith' an tig samhradh caomh
Càit' as tràith' an tig blàth air craoibh
Càit' as bòidhche an seinn an smeòrach
Air bhàrr nan ògan? 'S an Innis Àigh!
An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh
Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh;
Bidh gillean èasgaidh le dorgh is lìontan
Moch, moch ga iarraidh mun Innis Àigh.
Tiugainn leam-sa chun na tràigh
'S an fheasgar chìuin-ghil aig àm an làin,
'S chì thu 'm bòidhchead 's an liuthad seòrsa
De dh'eòin tha còmhnaidh 's an Innis Àigh.
'S ged thèid mi cuairt chun an taoibh ud thall,
'S mi 'n dùil air uairibh gu fan mi ann,
Tha tàladh uaigneach le teas nach fuaraich
Gam tharraing buan don Innis Àigh.
O 's geàrr an ùine gu 'n teirig là;
Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh.
Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach
Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh.
- Artist:The Chieftains